00:00/00:00
随时随地任意搜索并下载全网无损歌曲
扫描右侧二维码下载歌曲到手机 

免费获取更多无损音乐下载链接
文本歌词
An Innis Aigh - Paddy Moloney
Lyrics by:Traditional
Seinn an duan seo dhan Innis Àigh
An innis uaine as gile tràigh
Bidh sian air uairean a' bagairt cruaidh ris
Ach se mo luaidh-sa bhith ann a' tàmh
Càit' as tràith an tig samhradh caomh
Càit' as tràith an tig blàth air craobh
Càit' as bòidhche 's an seinn an smeòrach
Air bhàrr nan ògan 's an Innis Àigh
An t-iasg as fiachaile dlùth don tràigh
Is ann ma chrìochan is miann leis tàmh
O 's geàrr an ùine gu'n teirig latha
Air bhàrr nan ògan 's an Innis Àigh
An t-iasg as fiachaile dlùth don tràigh
Is ann ma chrìochan is miann leis tàmh
Bidh gillean easgaidh le dorgh is lìontan
Moch moch ga iarriadh mun Innis Àigh
'S ged thèid mi cuairt chun an taoibh ud thall
Is ann ma chrìochan is miann leis tàmh
Mo chadal buan-sa bidh e cho suaimhneach
Mo bhios mo chluasag 's an Innis Àigh
Mo bhios mo chluasag 's an Innis Àigh